Album: Crosswinds
 Soraidh bhuam gu Barraidh
 Eilean's maisich tha fo'n ghrein
 Far an tric an robh mi sugradh
 'S le sunna a ruith na spreidh
 Gur lionmhor lus tha fas fo'n druchd
 Is deallt air uir as dheidh
 A' bheireadh slainte is muirneal dhuit
 Air maduinn chubhraidh cheit
 
 An am direadh ris a mhonadh
 Measg a' mhurain 'be mo mhiann
 Air feasgar fann's an fhoghar
 Nuair a chromadh air a ghrian
 Gum beathaicheadh am faladh thu
 Far luscan b'aille fiomh
 An aiteag chubhraidh aluinn
 Thig far bharr a' chain an iar
 
 An am eirigh anns an t'samhradh
 'Se bhith ann, bu mhor mo mhiann
 Gach iasgair 's e le bhata
 Dol gu aite a chuir na lion
 Nuair a charadh iad siuil shlan rith
 Air bharr nan tonnan liath
 Bu bhriagha a bhi ga faicinn
 Air a setadh dol dha'n iar
 
 'Se Barraidh an t-eilean 's boidhche
 Ann cho mor 's gun d'chur mi uigh
 Far an tric an do ghabh mi oran
 Measg non oighean maiseach ciuin
 'S ged tha mi'n duigh air m'aineol
 An Australia nan craobh
 Cha di-chuimhuich mi a Ghaidhlig
 Tha i sgriobhte 's a' chlar aig m'aois